For faster navigation, this Iframe is preloading the Wikiwand page for Boyd Robasdan.

Boyd Robasdan

Boyd Robasdan a’ cur fàilte air Rita Izsák a thug Òraid an t-Sabhail 2014

Tha Proifeasair Boyd Robasdan (Beurla: Boyd Robertson) ’na Phrionnsabal aig a’ cholaiste Ghàidhlig Sabhal Mòr Ostaig. Buinidh e do dh’Uibhist a Tuath agus tha a’ Ghàidhlig aige bhon ghlùin.

An dèidh ceum Ceiltis fhaighinn aig Oilthigh Obar Dheathain, rinn e cùrsa trèanaidh ann an teagasg Gàidhlig san àrd-sgoil ann an Colaiste Foghlaim Obar Dheathain. Rinn e teagasg ann an Àrd-sgoil an Òbain fad 10 bliadhna far an deach a dhreuchd àrdachadh mar Phrionnsabal na Gàidhlig. Ann an 1982 chaidh fhastadh mar Òraidiche Gàidhlig aig Colaiste Foghlaim Chnoc Iòrdain ann an Glaschu le dleastanas airson tidsearan Gàidhlig a thrèanadh. Chaidh e na Àrd-òraidiche nuair a chaidh Colaiste Chnoc Iòrdain aonadh le Oilthigh Shrath Chluaidh ann an 1993. Thòisich e san dreuchd mar Phrionnsabal Sabhal Mòr Ostaig san Fhaoilleach 2009.

Goireasan do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig

[deasaich | deasaich an tùs]

Cho-sgrìobh e an cùrsa Teach Yourself Gaelic agus cho-dheasaich e TY Gaelic Dictionary. Bha e na Stiùiriche air Pròiseact Ionnsachaidh na Gàidhlig Abair E, a stèidhich cùrsa adhartach ioma-mheadhain do luchd-ionnsachaidh anns na ciad ceithir bliadhnaichean den àrd-sgoil agus bha e na Phrìomh Chomhairliche Cànain air na ceithir sreathan de Speaking Our Language le STV. Tha e air grunn altan a sgrìobhadh air foghlam Gàidhlig ann am foillseachaidhean a leithid Scottish Education, The Other Languages of Europe, Voces Diversae agus Revitalising Gaelic in Scotland agus sgrìobh e The Gaelic Language in Education in the UK airson a’ phròiseict Eòrpaich Mercator.

Ballrachd chomataidhean

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha e na chathraiche air a’ Chomataidh Stiùiridh eadar-oilthighean Faclair na Gàidhlig, Panal Sgrùdaidh na Gàidhlig - Ùghdarras Teisteanasan na h-Alba agus air bòrd buidheann nan ealain Ghàidhlig an Glaschu, An Lòchran. Bha e na bhall air Bòrd na Gàidhlig, a’ chiad bhuidheann leasachaidh Gàidhlig aig an Riaghaltas, na Iar-chathraiche air Comunn na Gàidhlig agus na Chathraiche air Comhairle nan Leabhraichean.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
{{bottomLinkPreText}} {{bottomLinkText}}
Boyd Robasdan
Listen to this article

This browser is not supported by Wikiwand :(
Wikiwand requires a browser with modern capabilities in order to provide you with the best reading experience.
Please download and use one of the following browsers:

This article was just edited, click to reload
This article has been deleted on Wikipedia (Why?)

Back to homepage

Please click Add in the dialog above
Please click Allow in the top-left corner,
then click Install Now in the dialog
Please click Open in the download dialog,
then click Install
Please click the "Downloads" icon in the Safari toolbar, open the first download in the list,
then click Install
{{::$root.activation.text}}

Install Wikiwand

Install on Chrome Install on Firefox
Don't forget to rate us

Tell your friends about Wikiwand!

Gmail Facebook Twitter Link

Enjoying Wikiwand?

Tell your friends and spread the love:
Share on Gmail Share on Facebook Share on Twitter Share on Buffer

Our magic isn't perfect

You can help our automatic cover photo selection by reporting an unsuitable photo.

This photo is visually disturbing This photo is not a good choice

Thank you for helping!


Your input will affect cover photo selection, along with input from other users.

X

Get ready for Wikiwand 2.0 🎉! the new version arrives on September 1st! Don't want to wait?